An Corran

Can you IMAGINE the landscape during the Jurassic age, approximately 175 million years ago? Dinosaurs roamed on a tropical estuary within a long-gone super-continent. Footprints of a large carnivore similar to a Megalosaurus were fossilised over millions of years. After a storm in 2002, to great excitement, they were found on the rocky foreshore, here at An Corran.

imprint arrow pointer
animals

Bha làrach a’ Chorrain cudromach dha na daoine a bha a’ fuireach agus a’ sealg timcheall an oirthir seo o chionn fada an t-saoghail. Chaidh cnàimhean a’ mhathain, elk, crodh fiathaich (oryx) agus an tuirce a lorg am measg sgudail air an làrach ann an 1994 agus iomadh seòrsa maoraich. Le sin tha e follaiseach gun robh diofar sheòrsa bìdh aig an t-sluagh àrsaidh sin.

Chaidh clachan ‘bloodstone’ bho Eilean Ruma a lorg aig an làrach seo, rud a tha sealltainn gun robh iad a’ siubhal fad agus farsaing bhon Eilean Sgitheanach gu na h-eileanan eile agus gu tìr-mòr, gu àiteachan mar a’ Chomraich far an deach stuthan co-ionann fhoillseachadh.

Aig an àm, greis às dèidh Linn na Deighe, bhiodh an t-eilean còmhdaichte le coilltean. Bheireadh sin deagh chothrom do na beathaichean agus na h-eòin ris an robh na sealgairean an urra.

Chaidh tòrr sheòrsachan chlachan geur fhaighinn aig a’ Chorran agus mun cuairt Stafainn. Tha e soilleir gun robh iad a’ cur nan clachan sin gu feum mar sporan sgoltaidh agus gearraidh.

Mu choinneamh a’ chladaich tha Eilean Stafainn, no Fladaigh, mar a bhiodh aig daoine air o shean. Tha dà bhothan air an eilean a bha air an cleachdadh airson iasgach a’ bhradain. Bhiodh na h-iasgairean a’ fuireach agus a’ cadal annta. Rinn fear-ciùil ainmeil, Phil Coineagan, fonn leis an aimn ‘The Hut on Staffin Island’ nuair a bha e a’ fuireach anns an sgìre.